Clachan-mìle an Lòchrain 1999-2009

 

1999     -    Sgrùdadh air comasachad a thaobh Ionad Gàidhlig.  


2000    -    Tha buidheann de luchd-ùidh air an stèidheachadh mar a' chiad Bhòrd-stiùiridh.


2000    -    Fastadh Stiùiriche Pròiseict.


2002    -    Bùth-obrach co-chonaltraidh poblach gus cinn-uidhe a leasachadh.


2003    -    Fastadh Oifigear Leasachaidh Ealain ann an Glaschu.


2004    -    A' chiad Ceòl 's Craic - a-nis stèidhichte mar Chlub Ealain Gàidhlig mìosail le luchd-ealain Gàidhlig a' còmhdach gach raon de na h-ealain.


2004    -    A' chiad Fhèis chloinne - prògram seachdaine de bhùithtean-obrach ann an ceòl, dannsa, clàrsach, dràma, ealain agus sgeulachdan.


2005    -    A' chiad tachartas taisbeanaidh - Flùr an Taoibh an Iar, coimisean tùsail stèidhichte air ceòl agus bàrdachd Chaluim agus Ruairidh Dòmhnallach bho Runrig, a' taisbeanadh ealain lèirsinneach, leabhran cuimhneachaidh agus turas ciùil - còrr agus 100 neach-ealain a' gabhail pàirt agus 2,000 duine a' frithealadh.


2005   -    Cur-air-bhog den chiad Ro-innleachd Ealain Ghàidhlig ann an Glaschu 2006-2009.


2006   -    An trìtheamh Fèis chloinne - 76 neach cloinne a' com-pàirteachadh.


2006   -    Leasachadh air prìomh phròiseactan airson Bliadhna Cultair Gàidhealtachd na h-Alba agus an roinn phroifeiseanta.

 

2006   -    Prìomh thachartas - Cèilidh Òir Fergie - aig an t-seann  Fruitmarket ann an Glaschu. Feasgar sònraichte gus dreuchd-beatha 50 bliadhna Fergie Dòmhnallach a chomharrachadh, sàr-chluicheadair bocsa putain agus stiùiriche còmhlain-ciùil.


2007   -    Chan eil 'V' ann an Gàidhlig - co-riochdachadh ùr-ghnàthach eadar An Lòchran agus Companaidh Cluiche TAG gus pròiseact cluiche ùr brosnachail a chruthachadh, a' tighinn gu ceann ann an trì cluichean sònraichte ann an Taigh-cluiche nan Saoranach ann an Glaschu.


2007   -    Tachartas cudromach - Cèilidh dha Kenna. Feasgar a' nochdadh urram do dh'obair ionmholta Kenna Chaimbeul an lùib Ealain agus Cultar Gàidhlig.


2007   -    An 4mh Fèis Ghlaschu - 86 neach cloinne a' gabhail pàirt.


2008   -    Co-obrachadh le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ann an dèanamh sreath de chairtean Nollaige.


2008   -    An 5mh Fèis Ghlaschu - còrr agus 100 neach cloinne a' gabhail pàirt.


2009   -    Com-pàirteachadh ann am Fèis Aidh Sgrìobh


2009   -    Bùithtean-obrach dràma sna sgoiltean.


2009   -    Com-pàirteachadh ann am Fèis an Taoibh an Iar a' tighinn gu ceann le feasgar Dràma sònraichte ann an Colaiste na Pìobaireachd.