Oifigear Leasachaidh Ealain & Cultar

Tha aon oifigear aig An Lòchran, a tha ag obair pàirt-ùine dhan bhuidheann.

'S i Shona Masson an t-Oifigear Leasachaidh againn an-dràsta. 'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Shona agus bha i bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig agus an uair sin rinn i Ceum MA ann an Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, far an robh i cuideachd gu mòr an-sàs anns a' Chomunn Oiseanach, Taigh na Gàidhlig agus Iomairt Ghàidhlig an Oilthighe. Tha i na neach-ciùil agus bidh i a' cluich air an fhidheall agus piana gu tric aig seiseanan-ciùil is cuirmean. Tha Shona cuideachd na ball de chòisir Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.