BNGLogo HIAWARDS
Mìosachan Gàidhlig PDF Clò-bhuail Post-dealain
Sgrìobhte le Carole   
Diardaoin, 01 Dàmhair 2009 15:09
Bha An Lòchran ag obair còmhla ri Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu gus Mìosachan Gàidhlig a thoirt gu buil, le deilbh air am peantadh le sgoilearan bho Ìre P7 - ÀS2 leugh tuilleadh…


 


Tha an cruinneachadh seo de dheilbh air am peantadh fon tiotal "Alba tro na Sèusain" a' comharrachadh bòidhchead na h-Alba ann an sreath de dh' ìomhaighean a tha dathtach, taitneach agus àrd-ghnèitheach. 'S math a rinn gach neach agaibh ann an cruthachadh obrach a tha cho sàr-mhath.
Tha am Mìosachan ri fhaotainn bho An Lòchran agus Comhairle nan Leabhraichean aig 22 Sràid Achadh a' Mhansa, Glaschu. Prìs £6. Mas math leibh mìosachan òrdachadh, cuiribh fios gu Carole NicIlleathain air 0141 342 4119.
 

Cuir a-steach beachd


Còd tèarainteachd
Ath-ùraich