Eachdraidh - aithris rùin


'S e buidheann a th' anns An Lòchran a chaidh a chur air bhonn ann an 1999 agus a tha ann am bith airson ealain agus cultar a leasachadh agus adhartachadh ann an Glaschu, agus ionad cultarach a stèidheachadh sa bhaile. Tha sinn a' sireadh gus ìomhaigh a' chànain agus a' chultair àrdachadh ann an Glaschu le bhith gan toirt mu choinneamh an t-sluaigh fad' is farsaing agus le bhith ag eagrachadh tachartasan àrd-ghnèitheach a bhios a' taisbeanadh saidhbhreas ar nòsan traidiseanta agus sgilean ar luchd-ealain. B' e Flùr an Taoibh an Iar a' chiad iomairt mòr a bha againn, cuirm-chiùil agus taisbeanadh cliùiteach a bha a' comharrachadh òrain agus ceòl Ruairidh is Chaluim Dòmhnallach bho Runrig.

 



Prionnsapalan Sti
ùiridh

Tha gach gnìomhachd bunaiteach, ro-innleachdail agus pròiseict An Lòchrain air a stiùireadh leis na prionnsapalan a leanas:


In-ghabhail: ann am baile ioma-chultarach, ruigidh An Lòchran a-mach gu na h-uile, ge b' e dè an aois, an tùs cinneadail, an creideamh, an cultar no an comas.

Comas cruthachail:
cuiridh An Lòchran comas cruthachail agus nuadhas aig teis-meadhan a ghnìomhachdan uile, a' seachnadh `tochailteachadh' air a' Ghàidhlig agus a' dèanamh follaiseach buntainneas agus cumhachd co-aimsireil cultar na Gàidhlig ann an Glaschu.

Gnè:
bidh gnè agus ionracas ealanta bunaiteach do phròiseactan an Lòchrain air fad.

Seasmhachd: Tro dhealas a thaobh co-obrachadh agus leasachadh air com-pàirteachasan agus luchd-èisteachd, oidhirpichidh An Lòchran air àm ri teachd seasmhach a thogail do dh' ealain Ghàidhlig anns a' bhaile.

Luach a bharrachd:
Feuchaidh An Lòchran ri luach a bharrachd a chur ri a phròiseactan uile le bhith a' dèanamh làn fheum de an comas a thaobh foghlam, na meadhanan, turasachd agus an eaconamaidh.